Bùth

Quantity:

Martainn Mac an t-Saoir
Gymnippers Diciadain
ISBN 1-900901-18-8
leabhar   £ 8.99

CLAR (Ur-Sgeul), 350 duilleagan, 2005

Air 'Shortleet' Duaisean Litreachais an Saltire Society, 2005

Faodaidh sibh an leabhar fhaighinn gu sabhailte an seo, no cuiribh fon gu 0141 337 6211 (9am-5pm, Diluain gu Dihaoine) no facs gu 0141 341 0515.


Leugh leirmheas le Chuck Tripp - 'click' an seo
No leirmheas le Aonghas Dubh MacNeacail

An leabhar

Fear is te, DJ agus Caroline, a' coinneachadh ri linn a bhith toirt an cuid chloinne gu Gymnippers an Dun Eideann. Fhad 's a bhios a' chlann ag eacarsaich, fasaidh iadsan eolach air a cheile. Is fasaidh sinne eolach orrasan - is air iomadach neach eile a tha a' suathadh nam beatha.

Tha a' bheatha sin ga nochdadh dhuinn fad mu ochd miosan air bliadhna shonraichte. Is fhad 's a tha sinn a' leanntainn caran is tionndaidhean an sgeil, cuirear fa ar comhair na bha dha-riribh a' dol san t-saoghal a-muigh, o thachartais eadar-naiseanta gu feadhainn bheag nach fiosracheadh moran. Tha an colmadh gar toirt gu domhainn a-staigh a shaoghal laitheil pearsachan an leabhair.

'S e saoghal lan cainnt a tha sin. Bha e soilleir o Ath-Aithne gu robh alt iongantach aig an ughdar seo air comhradh. Agus abair gu bheil sin an seo, eadar sgaoilteach mhor dhaoine, an Alba is thall thairis. An dithis a choinnich aig Gymnippers. Saoil de tha romhpa?

Tha seo ri fhaighinn mar 'talking book' - DVD.